51cg

Gàidhlig

In this section
Gàidhlig

Fàilte gu Roinn na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ!

Fàilte gu Roinn na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Oilthigh Obar Dheathain! Tha cliù na roinne againn air a dhol am meud bhon a thòisich sinn air ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a teagasg do dh'oileanaich-ceuma an 1916. Chan eil e ach iomchaidh, a thaobh far a bheil an t-Oilthigh stèidhte, gu bheil an roinn seo cho iomraiteach air teagasg na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ, an cànan agus an cultair, le stiùireadh bho luchd-teagaisg aig a bheil fìor dhealas airson teagasg agus rannsachadh.

Thigibh an seo a dhèanamh a' Ghàidhlig

Thigibh an seo a dhèanamh a' Ghàidhlig

Lorgas an seo àrainneachd ionnsachaidh a tha càirdeil is beothail dha fo-cheumnaichean agus a fhreagras air gach ìre fileantais, gu h-àraidh air daoine aig ìre tòiseachaidh.

Theirig an sàs sa Ghàidhlig!

Theirig an sàs sa Ghàidhlig!

Tha an-diugh mu 2500 aig a bheil ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ san Ear-Thuath na h-Alba. Feuch is lorg fiosrachadh air mar a thèid thu fhèin an sàs an gnothaichean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ sa sgìre.

An ath fhoillseachadh san t-sreath Scottish Gaelic Studies

An ath fhoillseachadh san t-sreath Scottish Gaelic Studies

Chan fhada gus an tig an ath fhoillseachadh de Scottish Gaelic Studies a-mach, iris cho cliùiteach agus a tha againn an saoghal sgoilearach na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ.

Tha Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain na ionad aig a bheil cliù mòr a thaobh teagasg agus rannsachadh air litreachas, cultar agus sòisealtas na Gàidhlig. Leis is gu bheil an t-Oilthigh stèidhte ann an ceann a tuath na h-Alba, chan eil sinn fada sam bith bhon Ghàidhealtachd; agus tha ar n-obair rannsachadh Gàidhlig gu mòr a' cur ris a' phrògram cheuma ann an Eòlas Gàidhlig.

Tha an Roinn a' foillseachadh na h-iris Scottish Gaelic Studies, an iris sgoilearach as barraichte an saoghal acadaimigeach na Gàidhlig.

Faodar ceum dùbailte no ceum co-bhannta a dhèanamh tron chùrsa Eòlas Gàidhlig, cho math ri cùrsaichean dha iar-cheumnaichean.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh tro no ceanglaichean air an làimh-chlì air na diofar phrògraman ceuma, air an obair rannsachaidh sa bheil sinn air a bhith an sàs bho chionn ghoirid agus air Gàidhlig ann an Ear-Thuath na h-Alba.

Bidh cuideachd cothrom ann thighinn gu là fosgailte aig an Oilthigh far am faicear cò ris a bhiodh beatha air àrainn an Oilthigh agus ann am baile Obar Dheathain fhèin coltach.

³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ

Sgoil Cànain is Litreachais
Oilthigh Obar Dheathain
Colaiste an Rìgh
Obar Dheathain
AB24 3UF
Alba, UK
Post-d: llmvc.enquiries@abdn.ac.uk